Aonadan eisimpleireach airson Gàidhlig ionnsachadh

CLIL Open Online Learning

Clàraich gus cuairt-litir a’ phròiseact (sa Bheurla) fhaighinn:

Tha gach fear de na h-aonadan foithe seo a’ comharrachadh ìre ionnsachaidh fa leth (A1-C2). Tha giorrachadh ann de shusbaint an aonaid, agus cunntas air an dòigh anns a’ bheil an t-aonad a’ buntainn ri na còig raointean a tha ann an CLIL (Susbaint, Conaltradh, Tuigse, Comasanan, Coimhearsnachd). Ionnsaich barrachd mu dheidhinn CLIL: http://www.languages.dk/clil4u/index.html

Eairdsidh Caimbeul

Ìre comais

C2

Back to Top

Tuairisgeul

Tha am pròiseact seo ag amas air pròiseas a stèidheachadh airson stòras culturail a chruinneachadh ann an dòigh far am bi na coimhearsnachdan Gàidhealach fhèin a’ clàradh stuthan luachmhor airson na ginealaichean ri teachd. Thathas an dùil ri co-obrachadh leantainneach eadar na coimhearsnachdan agus acadaimigich, agus eadar Alba is Èirinn, a bhios a’ cur ri stòras beò nan cànan Gàidhealach. A bharrachd air luach a’ phròiseis fhèin bidh seo a’ neartachadh oidhirpean airson planadh cànain a bheir taic dha na coimhearsnachdan a tha ga chruthachadh, ann an com-pàirteachadh a tha a’ dìon an dìleab le sùil air na h-amannan ri teachd. Aig an aon àm, bidh e a’ cleachdadh teicneòlas ùr iomchaidh ann an clàradh agus taic-ionnsachaidh gus dèiligeadh le feumalachdan èiginneach.

Back to Top

Susbaint

Eisimpleir tràth, bho phròiseact paidhleat far an do thòisich an Institiud Rannsachaidh Cànain aig OGE, còmhla ri Sabhal Mòr Ostaig agus Soillse agus com-pàirtichean à Èirinn, a bhith a’ clàradh còmhradh nàdarra aig luchd-labhairt Gàidhlig na h-Albann agus Gàidhlig na h-Èireann anns a’ choimhearsnachd aca fhèin, le uidheam agus dòighean clàraidh a tha furasta do na neo-phroifeasantaich.  Chaidh an clàraidh seo a dhèanamh ann an seisean trèanaidh aig an fhìor thoiseach.  Mar phàirt den trèanadh, tha Pàdruig a’ ceasnachadh Eairdsidh m’a chuimhneachain agus beachdan a thaobh a bhith ga thogail agus a bhith fhathast a’ fuireach ann am Beinn na Faoghla. Tha Eairdsidh na dhùchasach ann am Beinn na Faoghla, agus tha an còmhra a’ tòiseachadh le e a bhith a’ mìneachadh freumhan a’ theaghlaich.  Tha Eairdish an uair sin a’ bruidhinn m’a làithean sgoile agus a bhith a’ faighinn foghlaim sna h-eileanan agus air an tìr-mòr.  Tha an còmhradh an uair sin a’ gluasad gu na cosnaidhean a bh’aige, le tràthan ann an leasachadh nan croileagan agus an uair sin ann an obair chomhairleachaidh air ais ann am Beinn na Faoghla.  Tha Pàdruig an uair sin a’ faighneachd de Eairdsidh mu na h-atharrachaidhean a chunnaic e sa choimhearsnachd agus sa chànan bhon a bha e òg.

Back to Top

Conaltradh

Ag èisteachd ri còmhradh a-null ’s a-nall anns am bi Pàdruig Moireach a’ ceasnachadh Eairdsidh Caimbeul m’a chuimhneachain agus beachdan a thaobh a bhith ga thogail agus a bhith a’ fuireach ann am Beinn na Faoghla sna h-Eileanan Siar.

Back to Top

Tuigse

Tha am pròiseact a’ sùileachadh ri eadar-mhalairt leantainneach eadar na coimhearsnachdan Gàidhlig agus acadaimigich, agus eadar Alba agus Èirinn, a thaobh na Gàidhlig mar ghoireas cultaireil a tha beò.  A bharrachd air luach a’ phròiseis fhèin bidh seo a’ neartachadh oidhirpean airson planadh cànain a bheir taic dha na coimhearsnachdan a tha ga chruthachadh.

Back to Top

Comasan

Bidh an neach-ionnsachaidh a’ faighinn sealladh a-steach air na coimhearsnachdan Gàidhlig, agus tuigse air an dùchas.  Ionnsachaidh e briathrachas ùr bhon chòmhradh nàdarra le bhith a’ briogadh fhaclan agus a’ cruinneachadh stòras-briathrachais a ghabhas a chleachdadh airson obair trèanaidh.

Back to Top

Coimhearsnachd

Tuigse cultarail tro bhith ag èisteachd gu dìreach ri na guthan aig daoine beò sna dachaighean aca fhèin.

Back to Top

Falbh dhan aonad: http://multidict.net/cs/7628

Pàdruig Moireach

Ìre comais

C2

Back to Top

Tuairisgeul

Eisimpleir tràth, bho phròiseact paidhleat far an do thòisich an Institiud Rannsachaidh Cànain aig OGE, còmhla ri Sabhal Mòr Ostaig agus Soillse agus com-pàirtichean à Èirinn, a bhith a’ clàradh còmhradh nàdarra aig luchd-labhairt Gàidhlig na h-Albann agus Gàidhlig na h-Èireann anns a’ choimhearsnachd aca fhèin, le uidheam agus dòighean clàraidh a tha furasta do na neo-phroifeasantaich.  Chaidh an clàraidh seo a dhèanamh ann an seisean trèanaidh aig an fhìor thoiseach.

Back to Top

Susbaint

Tha Eairdsich a’ ceasnachadh Pàdraig m’a bheatha.  Tha Pàdruig a’ stèidheachadh freumhan a theaghlaich ann an Càrlabhagh, ann an Leòdhas, agus a’ bruidhinn m’a chuimhneachain thràth den dachaigh agus de bheatha na coimhearsnachd nuair a bha e na phàist.  Tha e an uair sin ag innse m’a chùrsa tron sgoil ann an Leòdhas, tro foghlam oilthigh ann an Obar Dheathain, gu obair air na crainn-ola sa Chuan Tuathach.  Dh’atharraich a chùrsa-obrach an uair sin gu teasgasg-cànain, a thug a-null-thairis e mus do thill e a dh’Albainn gu bhith a’ teagasg na Gàidhlig do dh’inbhich.  Tha an còmhradh a’ crìochnachadh le deasbad mu na toileachasan agus na dùbhlanan a tha an lùib na h-obrach sin.

Back to Top

Conaltradh

Ag èisteachd ri còmhradh a-null ’s a-nall anns am bi Eairdsidh a’ ceasnachadh Pàdruig mu sgeul a bheatha.

Back to Top

Tuigse

Tha am pròiseact a’ sùileachadh ri eadar-mhalairt leantainneach eadar na coimhearsnachdan Gàidhlig agus na h-acadaimigich, agus eadar Alba agus Èirinn, a thaobh na Gàidhlig mar ghoireas cultaireil a tha beò.  A bharrachd air luach a’ phròiseis fhèin bidh seo a’ neartachadh oidhirpean airson planadh cànain a bheir taic dha na coimhearsnachdan a tha ga chruthachadh.

Back to Top

Comasan

Bidh an neach-ionnsachaidh a’ faighinn sealladh a-steach air na coimhearsnachdan Gàidhlig, agus tuigse air an dùchas.  Ionnsachaidh e briathrachas ùr bhon chòmhradh nàdarra le bhith a’ briogadh fhaclan agus a’ cruinneachadh stòras-briathrachais a ghabhas a chleachdadh airson obair trèanaidh.

Back to Top

Coimhearsnachd

Tuigse cultarail tro bhith ag èisteachd gu dìreach ri na guthan aig daoine beò sna dachaighean aca fhèin.

Back to Top

Falbh dhan aonad: http://multidict.net/cs/7689

Tòmas MacDhòmhnaill (1)

Ìre comais

C2

Back to Top

Tuairisgeul

Tha Sabhal Mòr Ostaig agus Soillse, còmhla ri com-pàirtichean à Èirinn, a’ cur toiseach air a’ chainnt nàdarra aig luchd-labhairt na Gàidhlig agus na Gaeilge a chlàradh anns na coimhearsnachdan aca fhèin, le uidheam agus dòighean-obrach a tha furasta rin cleachdadh leis an duine àbhaisteach.  An seo, anns a’ chiad fhear de dà chlàradh, tha Tommy MacDhòmhnaill a’ bruidhinn ri Eairdsidh Caimbeul m’a bheatha ann an Uibhist a Deas.

Back to Top

Susbaint

Tha Tommy a’ bruidhinn m’a theaghlach ’s a shinnsreachd. Agus m’a chùrsa-obrach, a’ tòiseachadh le bhith a’ cuideachdadh sa bhùth-siubhail aig athair, agus an uair sin greis fhada aig companaidh tuathanas èisg anns an do chur e r’a sgilean agus ùidh ann an coimpiutaireachd.  An uair sin lean e diofar slìghean, nam measg a bhith a’ toirt seachad fiosrachadh air an sgìre do bhusaichean de luchd-turais a thigeadh troimhe.  Tro bhith an sàs ann an rannsachadh sloinntearachd sa sgìre, thàinig e air fiosrachadh ùr annasach m’a shinnsearan fhèin.

Back to Top

Conaltradh

Ag èisteachd ri còmhradh a-null ’s a-nall anns am bi Tommy MacDhòmhnall a’ bruidhinn ri Eairdsidh Caimbeul m’a bheatha ann an Uibhist a Deas.

Back to Top

Tuigse

Tha am pròiseact a’ sùileachadh ri eadar-mhalairt leantainneach eadar na coimhearsnachdan Gàidhlig agus na h-acadaimigich, agus eadar Alba agus Èirinn, a thaobh na Gàidhlig mar ghoireas cultaireil a tha beò.  Tha am pròiseas fhèin luachmhar.  Agus a bharrachd air sin, thèid goireas dùchasach fìrinneach a chruthachadh a bheireas fiosrachadh earbsach don t-saothar planaidh cànain a-chum taic a thoirt do na coimhearsnachdan a chruthaich e.

Back to Top

Comasan

Bidh an neach-ionnsachaidh a’ faighinn sealladh a-steach do na coimhearsnachdan Gàidhlig, agus tuigse air an dùchas.  Ionnsachaidh e briathrachas ùr bhon chòmhradh nàdarra le bhith a’ briogadh fhaclan agus a’ cruinneachadh stòras-briathrachais a ghabhas a chleachdadh airson obair trèanaidh.

Back to Top

Coimhearsnachd

Tuigse cultarail tro bhith ag èisteachd gu dìreach ri na guthan aig daoine beò sna dachaighean aca fhèin.

Back to Top

Falbh dhan aonad: http://multidict.net/cs/7853

Tòmas MacDhòmhnaill (2)

Ìre comais

C2

Back to Top

Tuairisgeul

Tha Sabhal Mòr Ostaig agus Soillse, còmhla ri com-pàirtichean à Èirinn, a’ cur toiseach air a’ chainnt nàdarra aig luchd-labhairt na Gàidhlig agus na Gaeilge a chlàradh, anns na coimhearsnachdan aca fhèin, le uidheam agus dòighean-obrach a tha furasta rin cleachdadh leis an duine àbhaisteach.  An seo, anns an dàrna fear de dà chlàradh, tha Tommy MacDhòmhnaill a’ bruidhinn ri Eairdsidh Caimbeul m’a bheatha ann an Uibhist a Deas.

Back to Top

Susbaint

Tha Tommy a’ bruidhinn m’a theaghlach ’s a shinnsreachd. Agus m’a chùrsa-obrach, a’ tòiseachadh le bhith a’ cuideachdadh sa bhùth-siubhail aig athair, agus an uair sin greis fhada aig companaidh tuathanas èisg anns an do chur e r’a sgilean agus ùidh ann an coimpiutaireachd.  An uair sin lean e diofar slìghean, nam measg a bhith a’ toirt seachad fiosrachadh air an sgìre do bhusaichean de luchd-turais a thigeadh troimhe.  Tro bhith an sàs ann an rannsachadh sloinntearachd sa sgìre, thàinig e air fiosrachadh ùr annasach m’a shinnsearan fhèin.

Back to Top

Conaltradh

Ag èisteachd ri còmhradh a-null ’s a-nall anns am bi Tommy MacDhòmhnall a’ bruidhinn ri Eairdsidh Caimbeul m’a bheatha ann an Uibhist a Deas.

Back to Top

Tuigse

Tha am pròiseact a’ sùileachadh ri eadar-mhalairt leantainneach eadar na coimhearsnachdan Gàidhlig agus na h-acadaimigich, agus eadar Alba agus Èirinn, a thaobh na Gàidhlig mar ghoireas cultaireil a tha beò.  Tha am pròiseas fhèin luachmhar.  Agus a bharrachd air sin, thèid goireas dùchasach fìrinneach a chruthachadh a bheireas fiosrachadh earbsach don t-saothar planaidh cànain a-chum taic a thoirt do na coimhearsnachdan a chruthaich e.

Back to Top

Comasan

Bidh an neach-ionnsachaidh a’ faighinn sealladh a-steach air na coimhearsnachdan Gàidhlig, agus tuigse air an dùchas.  Ionnsachaidh e briathrachas ùr bhon chòmhradh nàdarra le bhith a’ briogadh fhaclan agus a’ cruinneachadh stòras-briathrachais a ghabhas a chleachdadh airson obair trèanaidh.

Back to Top

Coimhearsnachd

Tuigse cultarail tro bhith ag èisteachd gu dìreach ri na guthan aig daoine beò sna dachaighean aca fhèin.

Back to Top

Falbh dhan aonad: http://multidict.net/cs/7854

Hughena NicDhòmhnaill (1)

Ìre comais

C2

Back to Top

Tuairisgeul

Tha Sabhal Mòr Ostaig agus Soillse, còmhla ri com-pàirtichean à Èirinn, a’ cur toiseach air a’ chainnt nàdarra aig luchd-labhairt na Gàidhlig agus na Gaeilge a chlàradh, anns na coimhearsnachdan aca fhèin, le uidheam agus dòighean-obrach a tha furasta rin cleachdadh leis an duine àbhaisteach.  An seo, anns a’ chiad fhear de dà chlàradh, tha Hughena a’ bruidhinn m’a teaghlach, agus m’a cuimhneachain thlachdmhar a bhith a’ fàs suas agus a’ dol gu diofar sgoiltean ann an Uibhist agus Beinn na Faoghla – nam measg a bhith a’ tachairt air coimpiutairean dhan chiad uair nuair a dh’fhosgail Sgoil Lìonacleit.  An dèidh sin chuir i seachad seal ann an Steornabhagh, na h-oileanach aig a’ cholaiste agus a’ dèanamh obair phàirt-tìde aig Rèidio nan Gàidheal is eile.  Thill i a dh’Uibhist agus dh’obraich i ann an diofar àiteachan agus thog i teaghlach. Tha i ag innse mun tlachd a tha a’ faighinn bho bhith ag obair còmhla ri daoine, agus mun dòigh anns a bheil i ag gabhail fois às dèidh na h-obrach.

Back to Top

Susbaint

Còmhradh a-null ’s a-nall anns a bheil Eairdsidh Caimbeul a’ ceasnachadh Hughena NicDhòmhnaill air a cuimhneachain agus a beachdan a thaobh a bhith ga togail agus a bhith fhathast a’ fuireach ann an Uibhist a Deas sna h-Eileanan Siar.

Back to Top

Conaltradh

Ag èisteachd ri còmhradh eadar dìthis, anns a bheil Eairdsidh Caimbeul a’ ceasnachadh Hughena NicDhòmhnaill air a cuimhneachain agus a beachdan a thaobh a bhith ga togail agus a bhith fhathast a’ fuireach ann an Uibhist a Deas sna h-Eileanan Siar.

Falbh dhan aonad: http://multidict.net/cs/7915

Hughena NicDhòmhnaill (2)

The European Commission support for the production of this publication does not constitute an endorsement of the contents which reflects the views only of the authors, and the Commission cannot be held responsi­ble for any use which may be made of the information contained therein..